Your Story – Dr. Finlay Macleod
BAINNE NA CASAIG
Bhithinn mu ochd no naodh, chanainn – ann am Bun-Sgoil Lìonail an Nis ann an Leòdhas. Am feasgar a bha seo thàinig fios gu robh sinn a’ faighinn dhachaigh tràth – gu robh an sgoil a’ dùnadh, le mar a bha stoirm air tòiseachadh.
Dh’fhalbh mise leam fhìn ‘s cha robh mi càil ach air an sgoil fhàgail an uair a thòisich a’ ghaoth a’ gabhail dhomh bho mo chùlaibh. ‘S ann na bu làidir a bha i a’ fàs ‘s cha b’ fhada gus an robh i gam thilgeadh, ‘s mi na mo dheann-ruith ‘s chan fhaighinn air stad. Chùm i oirre a’ falbh leam tarsainn na lotaichean is i le beuc làidir aice bho mo chùlaibh. Chithinn Loch Stiapabhat pìos romham ‘s bhuail e orm gur ann an sin a stadainn, ‘s mi a’ dèanamh oirre.
Chaidh agam air tionndadh gu mo làimh dheis gus an do ràinig mi an t-Allt Ruadh ‘s fhuair mi beag no mòr de dh’fhasgadh ri a chliathaich. ‘s thionndaidh mi ‘s bha mi a’ cothachadh an aghaidh na gaoithe gus an robh mi air an rathad. Chaidh agam air an leathad a dhìreadh, gus an do rinn mi Eaglais na Secedars dheth, ‘s ghabh mi fasgadh ri a cliathaich. Bha taigh ri a taobh ‘s cha robh mi ann nuair na dh’fhalbh an geile le bonaid goca simileir an taighe seo gus an deach e na spraidhleagan air an rathad air mo bheulaibh.
À sin chùm mi orm a-mach an rathad ‘s mi a’ coimhead taighean baile Lìonail romham. An ceann greis ràinig mi a’ chiad taigh agus ghabh mi anail ri chliathaich. Cha robh mi ann nuiar a thàinig duine a-mach às an taigh agus dh’iarr e orm a thighinn a-steach, a-mach às a’ ghèile. B’ e seo a’ Chasag.
Thàinig a bhean dhan doras ‘s thug iad mi a-steach ‘s chuir iad mi nam shuidhe air beulaibh teine mòr mònach. Dh’inns mi dhaibh cò bu leis a bha mi, ‘s cha b’ fhada gus na thòisich mi a’ blàthachadh. Cha robh mi fliuch idir, oir cha robh mòran uisg air a bhith an cois na gaoithe. Chuir am boireannach sgeileid air an teine ‘s gu dè bha seo ach bainne, ‘s an uair a theasaich i thug i dhomh muga de bhainne teth, agus ‘s e a bha math, le craiteachan salainn na cheann. Dh’inns mi dhaibh mar a dh’fhalbh a’ ghaoth leam ‘s am feagal a bh’ orm gur ann an Loch Stiapabhat a stadainn, ‘s mar a chaidh bonaid goc taigh a’ mhgr-sgoile na spealgan air mo bheulaibh. ‘S e balach beag
rudeigin còmhraideach a bh’ annam ‘s bu chaomh leam a-riamh a bhi còmhla ri sean daoine. Mar sin chaidh an tìde seachad gun fhiosda dhomh.
Chan eil tòrr cuimhn’ agam ciamar a rinn mi mo shlighe dhachaigh eadar Lìonal is Adabroc ach co-dhiu ràinig mi an taigh; ach ma ràinig, sin far an robh an troimhe-chèile. Oir, bha m’ athair air a bhith aig an sgoil ‘s air ais, gun sgeul fhaighinn ormsa ‘s bha facail air a bhith aige ris a mhgr-sgoile ach cuige a leig e a-mach clann leotha fhèin am meadhon na bha siud de ghairbhseach. Cha robh mi fada aig an taigh nuair a thuirt cuideigin gu robh am mgr-sgoile agus an polas aig ceann an starain. Chaidh m’ athair a-mach nan coinneamh a dh’innse gu robh mise aig an taigh, ‘s gur ann a-staigh an taigh na Casaig a bha mi nuair a bha esan gam lorg. ‘ S mi ag òl muga de bhainne teth. Le craiteachain salainn. Air beulaibh teine mòr mònach. Agus tòrr còmhraidh.
Comments